Chì mi'n toman caorann cuileann
Chì mi'n toman caorann thall
Chì mi'n toman caorann cuileann
Laogh mo chèil' air uilinn ann
Cha tèid mise 'chrò nan caorach
Cha tèid mise 'chrò nan uan
Cha tèid mise 'chrò nan laoighean
O nach eil mo ghaol ud ann
Chì mi mo thriùir bhraithrean seachad
Air an loma luath
Sgeinean beag air bhàrr an uilinn
Fuil mo ghaoil a'sileadh uap'
Ach nam b'aithne dhòmhs' an rathad
Gu bean-taighe an fhuilt bhàin
Dh'innseadh I mu èirigh grèine
Nach b'e fuil an fhèidh a bh'ann
Chì mi'n toman caorann cuileann
Chì mi'n toman caorann thall
Chì mi'n toman caorann cuileann
Laogh mo chèil' air uilinn ann
Cupons de até 100% OFF para aprender música.
Tenha acesso a benefícios exclusivos no App e no Site
Chega de anúncios
Badges exclusivas
Mais recursos no app do Afinador
Atendimento Prioritário
Aumente seu limite de lista
Ajude a produzir mais conteúdo